An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

Jezik: Gàidhlig

Informacije o prevodu

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

Ann an 1993 sgrìobh an t-Àrd‑Oll. Dòmhnall Meek gun robh “an diofar a th' eadar ‘Gàidhlig a' Bhìobaill’ agus ‘Gàidhlig an latha an‑diugh’ air a bhith air fhaicinn gu ìre fada nas motha tro thìm – gu h‑àraid am measg luchd cleachdaidh na Gàidhlig a tha nas òige … – iadsan nach eil, ann an cumantas, cho eòlach air ‘Gàidhlig na cùbaid’ 's a bha an sinnsirean.” Ma bha sin fìor is follaiseach an uair sin, tha e nas motha buileach mar sin an‑diugh. 'S e sin an t‑adhbhar gu bheil sinne a' clò-bhualadh na h‑iris seo an‑dràsta.

Bhruidhinn ar Tighearna 's ar Slànaighear Ìosa Crìosd gu pearsanta, na cànan fhèin, ri Màiri Magdalen às dèidh na h‑aiseirigh, airson dòchas a thoirt dhi (Eòin 20:16). Tha sinne cuideachd ag iarraidh gum bruidhinn Facal Dhè ri daoine sa chànan anns a bheil iad fhèin a' bruidhinn, a' sgrìobhadh, a' smaoineachadh 's ag aisling an‑diugh.

Chaidh an Tiomnadh Nuadh eadar-theangachadh gu Gàidhlig na h-Alba on Ghreugais an toiseach leis an t-Urr. Seumas Stiùbhart, ministear Chill-Fhìnn, agus chaidh a chlò-bhualadh ann an 1767 – beagan 's fichead bliadhna an dèidh blàr Chùil Lodair. B' e a mhac, Iain, ministear Lus, am prìomh eadar-theangair airson an t-Seann Tiomnaidh, a chaidh a chrìochnachadh ann an 1801. O chionn ghoirid, tha suidheachadh na Gàidhlig san àm ri teachd air mòran aire fhaighinn, leis a' chànan a’ dèanamh adhartais agus a’ faighinn inbhe shònraichte ann am beatha na dùthcha. A dh'aindeoin sin tha an sgaradh eadar Gàidhlig làitheil agus an gnè Gàidhlig a tha ann an eadar-theagachadh 1801 a' leudachadh. 

Tha an eadar-theangachadh seo a' tighinn a-mach 250 bliadhna an dèidh a' chiad eadar-theagachadh dhen Tiomnadh Nuadh on Ghreugais gu Gàidhlig a bhith air a chlò-bhualadh. 

Tha an eadar-theangachadh ùr ag amas air a bhith a' toirt ri chèile dìlseachd dhan Ghreugais thùsail le briathrachas làitheal, agus soilleireachd le urram. Tha an obair seo a' nochdadh aig àm nuair a tha cothroman air leth ann airson adhartas na Gàidhlig. Agus tha sinn an dòchas gum bi e feumail airson fòghlaim agus airson nan eaglaisean, a thuilleadh air leughadh phearsanta.

Le bhith ag eadar-theangachadh Facal Dhè a Ghàidhlig an latha an‑diugh tha an sgioba againn an dòchas gun cluinn iadsan uile a leughas 's a chluinneas e guth Dhè a' bruidhinn riutha gu soilleir, agus, mar sin, gun tig iad gu eòlas air an t‑sìth 's air an t‑slàinte a tha rim faotainn tro Chrìosd a‑mhàin. 'S e miann na sgioba gum biodh gach moladh, urram agus cliù a' dol thuigesan agus thuigesan a‑mhàin.

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

The New Testament in the New Gaelic Translation 2017 

In 1993 Prof. Donald Meek wrote that “the difference between ‘Bible Gaelic’ and ‘Today’'sGaelic’ has increased over time – especially among young users of Gaelic – those who, for the most part, are not so used to ‘Pulpit Gaelic’, as their forebears were.” If that was apparent then, it is even more so today. That is the reason that we are publishing this translation now. 

Our Lord and Saviour spoke personally and in her own language, to Mary Magdalen after the resurrection, to give her hope (John 20:16). We also desire that God’s Word would speak to people in their own language which they speak, write, think and dream in today. 

The New Testament was first translated into Scottish Gaelic by Rev James Stuart, minister of Killin, and published in 1767 – barely 20 years after the battle of Culloden. His son John, minister of Luss, was the main translator of the Old Testament, completed in 1801. In recent years, the future of Gaelic in education and public life has received much attention as the language flourishes. However, the gap between everyday Gaelic in common use and the Gaelic in the most recent Bible edition continues to widen. 

This new translation comes 250 years after the first translation of the New Testament from Greek into Gaelic was published. 

This new translation aims to combine faithfulness to the Greek original with vocabulary in normal use, and clarity with dignity. The work comes at a time of opportunity in the development of Gaelic. It is our desire that this new translation will be useful in education and for the churches, as well as for personal use. In translating God's Word into the today's Gaelic, our translation team hope that all who read will hear the voice of God speaking clearly to them, and, in that way, that they will know the peace and the salvation that are found only in Christ. It is the desire of the team, that all praise, honour, and glory be God’s and his alone. 

© Scottish Bible Society 2017

Informacije o avtorskih pravicah

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017
© Scottish Bible Society 2017